图书图片
PDF
ePub

's a chunnaic mo dhà shùil riamh; am bheil ach an troichlean bochd anns an fhear is coltaiche dhiubh. Cha robh ach an fhìrinn aig Seumas Og nuair a thubhairt e, Sìochairean gun mhath gun rath, frabhas gun fhiach, dhìrinn a' Bheinn Mhòr 's am fear is fheàrr dhuibh air mo mhuin." Ach cha 'n e an coltas idir cuid is miosa. Droch Ghàidhlig aig an dàrna fear, 's droch Bheurla aig an fhear eile, agus a' h-uile h-aon diubh cho leibideach 's a chuala tu riamh; an àite an darna fear a bhi na 's fearr na 'm fear eile, 's ann a tha 'n darna fear na 's miosa na 'm fear eile. Coma leat chaidh 'seotachan' is 'tapachan a dheanamh de na chuala sinn agus cha 'n eil againn a nis ach ar roghainn de dhithis a ghabhail. Tha fhios agam gu'm bi iongantas ort nuair a chluinneas tu có iad so.

Tha fear dhiubh á Muile, ged is ann an I a rugadh e,— Dùghall Phara-nan-corp; agus Ni-Math 'ga chuideachadh, Iain Chaluim, mac do Sheònaid-nan-uighean a bha 'san Oban Lathurnach. Nis tha 'n sgìreachd gu léir air a roinn mu'n dà ghiollan so, gus am bheil daoine a bha 'nan dlùth chàirdean air fàs 'nan dian naimhdean, agus cha 'n eil fear a thachras ort nach eil 'g a mheas féin làn chomasach air an fhear is feàrr a thaghadh, ma tha feàirrd orra. Ma théid thu do mhuilleann no do cheàrdaich cha chluinn thu guth air ni ach ministeirean an Tuim-uaine, agus tha daoine nach do chuir dragh air Eaglais o'n is cuimhne le duine, ann an teas na cònspaid, mar a tha Calum Braoisgeach nach robh an Eaglais o'n a chaidh a bhaisteadh, ma chaidh riamh uisge air 'aodann, 's gu dearbh cha 'n eil móran d' a choltas air. Thuit dhomh a bhi 'sa Cheàrdaich an latha roimhe 's co thàinig a stigh ach Eachann Ruadh agus Para Mòr. Is gann a fhuair sinn fàilte chur air a chéile nuair a thòisich an consachadh mu na ministeirean. Feumaidh tu a thuigsinn nach buin an Gobhainn do dh' Eaglais na sgìreachd, ach tha e na dhuine geur, cùiseil, agus dh' fheòraich mi fhéin deth ciod a bheachd air na

[ocr errors]
[ocr errors]
[ocr errors]
[ocr errors]
[ocr errors]

Is

ministeirean òga a bha fa chomhair an t-sluaigh. 'Cha 'n eil " ars esan, ach 'a' bharail a bh' aig a' bhroc air a ladhran, barail bhochd.' Tha ‘Dùghall cho math ri Iain, agus Iain cho math ri Dùghall,' cha 'n eil ann am fear air bith dhiubh ach an daor dhrolabhan,' mar a thuirt Niall Neònach ri reul na smùide a bh' againn am bliadhna, nuair a bha daoine 'ga coimeas ris an tè mhòir a bha ri fhaicinn fhichead bliadhna an ama so.' "An e sin do bharail orra," arsa Eachann Ruadh, "shaoil leam gu'm bitheadh taobh blàth agad ri d' fhear-dùthcha." "Na'm b' airidh air e bhitheadh," arsa an Gobhainn, "ach ge nàrach ri innseadh e, cha 'n eil Gàidhlig fhéin aige. fhada o'n a chuala mi Sasunnach a mhuinntir Mhuile, ach cha 'n fhaca mi gus a' so e." Is rìgh am Muileach làmh ris an Lathurnach," arsa Para Mòr. Cha 'n eil mi cho cinnteach as a sin," ars Eachann, an cuala tu fhéin riamh fear is miosa leughas am Biobull na 'm Muileach." Dé tha ceàrr air an leughadh aige?" fhreagair Para Mòr. "A dhuine, dhuine, nach tu a chaill do chluasan 's do thuigse," arsa Eachann; "am bheil cuimhne agad air an t-searmoin a thug e dhuinn air dà ré gun ghoid' an àite da reithe gun ghaoid' (Ecsodus, xxix-i). *Tha gu math," fhreagair Para Mòr, "ach thuig a h-uile duine ciod a bha 'n a bheachd ; ach ciamar thug an Lathurnach a mach an rann ud anns an dara-salm-deug thar an fhichead? "Na bi mar Mhuileach, no mar each," an àite 'muileid.' "Ghabhainn a leisgeul air a shon sin," arsa Eachann, "bu mhath a laigh e air a' Mhuileach, ach tha bhochdainn uile air an Lathurnach anns a' Bheurla; tha Seònaid Ghòrach cho math ris.' 'Cha b' uilear ach dhuitse bruidhinn mu Bheurla, 's gun agad dhi na dh'iarradh deoch-an-uisge," fhreagair Para Mór. "Am bheil beachd agad air an latha a bha 'm Muileach a' bruidhinn air Iònah,” arsa Eachann, nuair a theirig a' Ghàidhlig 's a thug e dhuinn an colamadh mosach ?A! mo chàirdean,' arsa

[ocr errors]

esan, 'nuair a bha Iònah ann am bṛù na muice-mara cha robh e idir seasgair, oir bha, mar their sinn 'sa Bheurla stagnant water 'na broinn.' Nis nach bu bhòidheach a' chainnt sin á beul ministeir? "Thuigeadh daoine sin," arsa Para Mòr, “na's feàrr na Bheurla Mhòr a chluinneas sinn aig cuid; ach 's fhada mu'n urrainn do d' charaidsa móran d'a Bheurla a sheachnadh do mhuinntir na Gàidhlig."

[ocr errors]

Cha d'éisd mi ri tuille, ach chuala mi 'n déidh laimh gu'n do theab na seòid leum air a chéile mu na ministeirean. 'S ann mar so a tha cùisean anns gach oisinn de'n sgìreachd. Cha 'n eil fhios agad cò a chreideas tu na cò as a dh' earbas tuas, mar a bha Niall Neònach ag ràdh Cha'n fhaod thu earbsa chur ann an duine beò, even eadhoin do bhràthair fhéin." Nach bochd an gnothach gu'm feum daoine a bhi strì 's a' cònasachadh mu chùisean de 'n t-seòrsa so, agus gu 'n tòisich iad air bàrdachd a sgrìobhadh mu na gnothaichean ud. Nach eil' hùg ó 'aca air òran mu'n Mhuileach bhochd,-so agad rann no dhà dhe

O, dhuine thàin' á Muile,

O, dhuine thàin' á I ;

O, dhuine thàin' á Muile,

Fuirich ann ad eilean fhìn.

Mur dean thu searmoin gun am paipear,
B' fheàrr dhuit a bhi' n arm an Rìgh,
O, dhuine thàin' á Muile, etc.

B' fheàrr dhuit a bhi 'g iasgach bhradan,
Seadh no sgadan an Loch-fin'.

O, dhuine thàin' á Muile, etc.

Sasunnach a' tigh'nn á Muile-
Leth-na-dunaich air an tìr !

O, dhuine thàin' á Muile, etc.

Cha 'n eil fios aig duine ciamar a théid cùisean, ach cha sheas an strì so fada; agus cò air bith a gheabh àite a' Mhinisteir Mhòir cha bhi farmad agam ris, oir cha bhi e furasda dha dol am measg an t-sluaigh. Cha 'n eil mise ag ràdh gu'm bheil na ministeirean òga uile air an aon ruith, chionn tha fhios agam air atharrachadh. Is aithne dhomh na h-uiread dhiubh tha glé ghleusda an dà chuid ann am Beurla agus ann an Gàidhlig.

Gabh mo leisgeul aig an àm so, agus cha'n abair mi nach cluinn thu uam gu goirid a rithist. Tha sinn uile beò slàn. Ag guidhe d' fhaicinn slàn, is mi do charaid dileas.

Oidhche Shamhna, 1881.

FIONN.

FAR AM BI AN TOIL BIDH AN GNIOMH.

RUAIRIDH MOR.-Madainn mhath dhuit, a Cholla; tha toil agam turas a ghabhail an diugh, agus thàinig mi a dh'iarraidh tacain d' an làir bhàin agad.

COLLA BAN.-Gheabhadh tu sin le deadh dheòin agus le m' uile chridhe, ach tha agam fhéin ri dol an mhuileann air tòir mine do 'n mhnaoi.

RUAIRIDH.-Cha 'n eil am muileann a' dol an diugh; chuala mi fhéin am muillear ag ràdh gu'n robh an t-uisge ro iosal.

COLLA.-Is ceàrr an gnothach sin. Feumaidh mi falbh do 'n bhaile-mhargaidh cho luath 's is urrainn domh, oir chuireadh mo bhean a mach as an tigh mi na 'm biodh an geàirneal falamh.

RUAIRIDH.-Caomhnaidh mise an dragh sin duit, oir tha pailteas mine agam; bheir mi dhuit an coingheall na

chuireas seachad sibh gus an atharraich an t-sid, agus am bi uisge ann air son a' mhuilinn againn fhéin.

COLLA.-Cha chòrdadh a' mhin agadsa ri m' mhnaoi-sa; tha i ro dhuilich a toileachadh ann am min.

RUAIRIDH.-Biodh i cho àilleasach 's a thogras i, còrdaidh i rithe; nach ann bhuait féin a cheannaich mi an sìol, agus thuirt thu rium nach robh na b'fheàrr riamh agad.

COLLA.-Ma's ann bhuamsa a fhuair thu an sìol feumaidh e bhi math; cha robh droch shìol riamh am shabhal. Cha 'n eil duine air an t-saoghal, fhir mo chridhe, do 'm bu luaithe a nochdainn coibhneas no do'n deanainn comhstadh na dhuit fhéin; ach dhiùlt an làir bhàn a ceannag fheòir an diugh 's a' mhadainn, agus is mòr m' eagal nach eil i comasach air falbh leat.

RUAIRIDH.-Na biodh eagal ort; bheir mi fhéin dhi gu leòir de shìol air an rathad.

COLLA.-Tha choltas air an latha a bhi ceòthar; bidh an rathad sleamhainn, agus cha 'n eil fhios agam nach rachadh tu fhéin agus an làir as an amhaich.

RUAIRIDH.-Cha 'n eagal dhuinn; tha an làir bhàn math a chumail a cas-thoir a mach i.

COLLA.-Nach mi-fhortanach an gnothach gu'm bheil an diollaid air dol á sgaid; agus tha an t-srian air falbh 'ga càireadh.

RUAIRIDH.-Tha an dà chuid diollaid agus srian agam

fhéin.

COLLA.-Cha fhreagair do dhiollaid-sa do 'n làir bhàin. RUAIRIDH.-Mur freagair gheabh mi coingheall diollaid Iain Thòmais.

COLLA.-Cha fhreagair diollaid Iain Thòmais na 's fheàrr na do dhiollaid fhéin.

RUAIRIDH.-Théid mi a suas do 'n tigh-mhòr; is aithne dhomh fhéin an gille-stàbuill, agus tha fhios agam gu 'm faigh mi té am measg nam ficheadan a tha an sin a fhreagarras do 'n làir bhàin.

Ι

« 上一页继续 »