網頁圖片
PDF
ePub 版

'S ann an sud a bha 'ghriobhag,
Le luaidh ghrad, lannaibh biorach,
'S claidhibh sgaiteach 'gan iomairt,
Le dream chalma gun tioma,
Chaidh Siol Alba gu'n ghiorraig,
Anns an t-searbh-chath air mhireadh,
'Creuchdadh chorp is 'gan liodairt,
Is 'gam fagail 'san ionad gun deo!"

REV. ROBERT MACGREGOR, of Kilmuir, Skye.

A nis, beannachd leibh air fad.

Cha'n ioghna ged bhiodh uaill

oirbh mar Chomunn, an uair a dh' ainmichear sibh air a Ghäelig!

"Mile beannachd, mile buaidh,

Air Comunn Uaislean mo ruin;
Cha ghluaisear Breatunn le fiamh,
?S sibhse mar dhion air a cul.
Thog Albainn a ceann le h-uaill;
Dh' fhuasgladh a' Ghaelig a' snuim :
Tha coir gach saorsainn gu feum,
Aig sliochd Ghaidheal nam beus grinn.
Thig Sonas, is Bliochd, is Maoin,
Fialachd, is Tlus, Faoilt, is Baigh,
Sgaoilidh 'nam miltibh bhur siol,
Mar rainich 'nam fiadh-ghleann fas!"

E. MAC LACHLUINN.

"An là a chìth 's nach fhaic."

On the 14th November the following paper, from Mr A. A. Carmichael, C.M.S.A.S., Creagory, Benbecula, was read:

TOIRIOC NA TAINE.

[Seanchaidh Eachann Mac-iosaig ("Eachann Mac Ruaraidh ") Croitear, Ceann langabhat, Iocar, Uist a Chinne Deas.

Sgriobhta

le Alastair G. Macgillemhicheil, Creagoiridh, Beinn 'a faola, Lafheill Moire.]

Deilbh agus aobhar na sgeuil.

Bha duin-uasal ann an Eirinn ris an canadh 'ad an Du'altach. Cha bu tighearna fearainn idir e; ach bha cuid mhor an t-saoghal aige agus ionnsachadh math agus e o theaghlach miosail, agus leis a sin bha aite suidhe aige ann an cuideachd uaillsean. Cha ro eir a theolach ach aona ghille mic d'am b'ainm Cuchullain. Bha e fhein

agus Iarla Ghlinn-chuilisg comhla anns a' cholaiste agus bha 'ad nan cairdean 's nan companaich. Bha nighean an Iarla posadh agus chuir an t-Iarla cuireadh chun na bainnse dh-ionnsuidh an Du'allaich seachduin roimhe 'n am. Dh-fhalbh an Du'allach agus a bhean chun na bainnse le'n gillean, 's le'n eich dhiolta. Bha Cuchullain a' sireadh falbh ach cha leigte leis. 'Nuair a dh-fhalbh 'adsan dh-fhalbh easan as an deoghaidh. Bha ball 'us caman aige 's bha e g-iomain fad fìn foineach an la air an rathad. Am biall na h-oiche an dol fodha na greine rainig 'ad an drochaid mhor bha dol thun pelios an Iarla. Bha cu eir an drochaid ga gleidheadh 's cha leigeadh e duine seachad gun phe'eadh. Cha ro airgiod aig

a' ghille. Smaointich e aige fhein gu'm bu tamailteach dha tilleadh dhachaidh agus chuir e 'm ball eir sorachag agus bhuail e steigh eir an dala ceann a choin 's a mach eir a cheann eil' e 's chuir e 'n cu na bhuta leis an drochaid.

Sin a' chiad euc a rinn Cuchullain.

Gha' e steigh an bhaile 's chun' e gillean a g-iomain agus thoisich e air iomain cò-riu. D'uair thainig an oiche thuirst e ri fear dhe na gillean bhag-iomain co ris, "Nach ann an seo" ors easan "tha teigh an Iarla?" "Sann" ors an gille eile ; "De seo do ghnothuchsa ris?" "Nach eil beanais (banais) mhor ann?" "Tha." "B'fhearr liom gu'n ionnsuiche tu dhomh e." "Cha leig 'ad is teigh thu." "Tha m'athair 's mo mhathair eir a' bheanais agus fiachaidh mi an leig."

Bha 'n caisteal eir a lasadh le craoslach chraobhach sholuist. Gha' e steigh's gha' miosg na cuideac's thug e ruith a null's chaidh e eadar da ghlun athar. "An tu tha seo Chuchullain?" ors athair, "'S mi" orsa Cuchullain. "Ciamar fhuair thu steigh 's an cu eir an drochaid?" "Mharbh mi 'n cu."

De'art bha ach fear do stiubhartan an Iarla 's an rum agus falbhar agus innsear dha mhaighstir cainnt Chuchullain. Leum an t-Iarla nuas. "Co tha seo ors easan a mharbh mo chu eir an drochaid?" Cha tuirst duine diog-bha eagal orra.

Thuirst an Du'altach, "Seo e, tha g-rathain rium gu'n do mharbh e do chu." "Cha chreid misin, gu'm marbhadh giullan beag mar sin mo chu." “O! 's mi mharbh e gu dearbh 's cha chuir thu gu duin' 's am bith eil' e ach mise" ors Cuchullain. "Bhuil," ors an t-Iarla, "feumaidh tu fuireach seac blianna sir an drochaid ga gleidheadh go 's an tog mise cu ni t-aite, neo pe'idh tu £700 Sasannach dhomh." "An ta pe'idh mise sin eir son mo mhic" ors an Du'altach; "ach mu phe'eas cha mhor is fhiach mi fhe' na dheo'idh. Ach nam faighinn uine phe'inn sin 's mi fhe' bhi mar bha mi roimhe."

Dh-eirich Cuchullain na sleasadh agus thuirt

[ocr errors]

e Cha phaigh thu

athair aon sgillin, ach theid mis' thuin na drochaid ga gleidheadh dha, agus fuiridh mi blianna, agus feumaidh easan cearstas a' choin a chumail riumsa."

Bha Cuchullain a sin blianna eir an drochaid. Bha e fuasach eirson sgoil, agus a chuile duine thigeadh chun na drochaid theireadh e ris "Cha leig mi null thu mar toir thu dhomh leasan, agus d'uair thigeadh duin-uasal bheireadh e dha am pé'eadh, agus an leasan cò-ris.

Leis cho dichiollach 'sa bha e ga togail, dh-ionnsuich e mar-seo moran sgoil'. Thainig e sin dachaidh. Bha anns an am sin dh'an t-saoghal colaiste ann un Dun-sgathaich 's an Eileann-Sgitheanach agus cha ro fear ris am b'fhiach fear a ra an rioghac na h-Alba, an Sasunn no an Eirinn nach cuireadh a mhac ga ionnsachadh ann. Cha ro meas eir fear ach fear a gheo'adh ionnsuchadh an Dunsgathaich. Cha ro sgoil no faolum no math-chleas nach faight ann, 's cha ro meas eir cleas ach cleas a gheobht' ann. Cha bhiodh Cuchullain beo mar leigt' eir falbh a sgoil Dhun-Sgathaich e, agus leigeadh air falbh e. Bha e naogh blianna an sin. Bha uasal Albannach d'am b'ainm Am Feardiag mac Daimbain anns an sgoil ra linn Chuchullain agus be ciad ghaisgeach an t-saoghail e ra linn fhein. Bha'm Feardiag agus Cuchullain a' laidhe 'sa g-eiridh comhla fad nan naogh blianna agus 'ad nan companaich aig a' cheile. 'N am bha 'ad a dealachadh mhionnaich 'ad ga cheile nach cuireadh an dala fear trioblaid eir an fhear eile gu brach. Cha ro sian a dh-ionnsuich an dala fear nach d-ionnsuich am fear eile ach aon chleas a bh' aig Cuchullain ris an cante an gathbalg.

[ocr errors]

'Se

Bha gillean aca agus b'iad an da bhrathair an da ghille. gille na h-Iuraich a h-ainm do ghille 'n Fhirdhiag agus Laochaire Mac Nearst a b'ainm do ghille Chuchullain.

Bha na gillean aca nam pagechan aca 's an sgoil agus cha ro 'ad fhein cli. Lean Laochaire Mac Nearst Cuchullain agus Gille na h-Iuraich am Feardiag.

Dh-fhag 'ad Dun-Sgathaich agus thill Cuchullain dachaidh a dh-Eirinn. Thainig Cuchullain agus Laochaire Mac Nearst dhachaidh gu ruig teigh an Du' altaich an Grianan-math an Eirinn. Bha lechiad agh aig an Du'altach ann an eileann mara agus, de ach rug te aca laogh agus cha ro fios fo thalamh na criosdac cait an d-fhuair e tara. Cha ro dath bh'ann am bogha frois no ann an

* Tha'n Seanchaidh ag rath gur h-ann a muigh eir uacar uisge dh-fheumta an gath-balg a chluich.

iarmailt nan speur no ann an coille-blianain a' chuain nach robh eir an laogh. Cha bhiodh Cuchullain beo 'se na ghille tapaidh an deigh tighinn far na drochaid mar h-ainmichte an laogh eir fhein. Cha ro athair deonach an laogh a thoirt dha bho'n nach bu laogh boirionn e. "Feumaidh mi fhaighinn. 'S fhearr liom am firionn seo na deich bhoirionn, agus fhuair en laogh. Cha robh an laogh ach na laogh ri linn Cuchullain falbh a sgoil an Dun-Sgathaich ach bha e na tharbh ri linn dha tilleadh as. Cha ro a leithid an Eirinn ach e fhein. Tha e 'san eachdraidh gu'n cuireadh e marst eir dhàir le geum an Coig Choigeamh na h-Eirionn. Be'n DonnGuaillionn a b'ainm dha.

Thill Cuchullain dachaidh a Ghrian-math an Eirinn agus bhitheadh e fhein 'sa Ghille Laochaire Mac Nearst a' falbh a shealg gu tao' eile na h-Eirionn. Bha e taghal eir nighinn a Ghairbh Mhic Stairn, agus theireadh e rithe, "Thig mi'n diugh, 's thig mi 'm maireach," 's dhianadh e coineamh rithe, agus 'se bun a bh-ann gu'n do theich i leis. Thug e dhachaidh i gu teigh athar agus chaidh e eir teigh dha fhein's bha e fhé' 's ise riarachadh a cheile gle mhath.

Bu bharuinn eir dala leth Eirinn 's an am boirionnach ris an canta Maoim a Chruachain agus bu righ eir an leth eile Oiriol Fhaolamach. Bha 'ad nam bantraichean le cheile. Bhuail an cairdean 's an comhairleichean eir a dh-rath riu gu'm bu choir dhaibh posadh 's an cuid a chur ri cheile. Bha fear ionad righ aicese, mac peathar 'i fhein d'm b-ainm Fearghus Philisteach agus chuir a Bharuinn a comhairle ris am posadh i Oiriol. “ Am bi thu deonach mise phosagh Oirill?" ors ise. "Bithidh mi" orsa Fearghus gle dheonach thu ga phosadh gu dearbh. Tha uallach trom orm fhein agus tha mi eirson aotromachadh."

66

Chuireadh gu posadh 'ad agus phòs Maoim a Chruachain agus Oiriol Fhaolumach. Am ceann mios no rud-eigin chaidh 'ad gu butar-scionn 's throd 'ad. Bhuail an dala h-aon eir cur a dh-ailis eir an t-aon eile gu ro barrac aig eir a chuid an t-saoghal. Thoisicheadh a seo eir cunntas an stuic agus d'uair chunntadh 's a chuireadh ra cheile 'n stoc bha tarbh aigesan a bharrac oirise. Be ainm an tairbh, am Binne-bheoch.*

66

*The reciter says that Binne-bheoch means "the horned beast," and I think he may be right. In Uist, binneach," or "beannach," is applied to a horned animal, generally to an animal with high horns. "Caorabhinneach," or, more correctly, Caora-bheannach," is applied to the old and now nearly extinct Hebridean breed of sheep with four, five, and even sometimes six horns.

66

Bhuail a' Bharuin a sin eir feoraich a dh-Fhearghus cait am faighte tarbh a gha'adh eir a Bhinne-bheoch agus a gheo'adh buaidh eir 's nach bitheadh a beo shaoghail aice mar faigheadh.

"Cha 'n 'ainne dhomhse sin" orsa Fearghus "cait am faighear tarbh a gha'as eir, 'sa bheir buaidh eir ach an Donn-guaillionn aig an Du'allach's a ri fhein cha'n e sin an sugradh dol na dhàil no fhaighinn uaithe. Tha e fhein laidir 's tha mhac ro laidir leomach moralach 's mar faighear le sith e chan fheighear idir le feirg e." "Cha 'n

eil duin agam dha 'n fhearr thig a chuis chur an ceil na sibh fhein. Theid sibh a shireadh an tairbh agus bheir sibh leibh tri-diag dha na gillean mora," orsa Bharuinn.

Chaidh Fearghus Philisteach agus tri-diag dha na gillean mor' aig Maoim a Chruachain a shireadh an Donn-ghuaillionn. Rainig 'ad teigh an Du'altaich ma mheadhan la 's chaidh Fearghus is steigh a thalla an Du'altaich. Shir e'n tara as a sheasamh "Tha cabhag orst" ors an Du'allach, "'n ann eir toir teine thainig thu? Dian suidhe 's ga' do sgial."

"An

"Cha dian gos am faigh mi fios ceann mo ghnothuich.” ta cha 'n ann agams tha sin ri thoirst dhuit ach aig mo Mhac, Cuchullain. Tha e 'sa bheinn sheilg ach bithidh e dhachaidh am bial an anamoich. 'Se do bheatha cò-rium fhein a noc agus fuirich gos an tig Cuchullain o'n t-sheilg.". Tha gillean mor' agam, a thug mi liom gus mo chuideacha leis an tara 's cha'n eil e freagrach 'adsan a bhi co-ruinn." Tha saillean gu leoir agamsa 's an cuir sinn eir dhòigh 'ad.

Chuireadh biadh 'us deoch agus aodach leapa gu leoir thun nan gillean mora. Ghabh 'ad an dall daorach. Bha Fearghus agus an Du'altach ag ol 's an teigh mhor gos an tainig Cuchullain dhachaidh am bial na h-oiche.

"Sin

Chuala Cuchullain roicealac 's an t-sobhal aig athair agus ghabh e null. Thainig e an sin an teigh mhor agus gha' e steigh far an ro athar agus Fearghus a' caitheamh an fheasgair gu cridheil. fear do ghnothuich" ors an Du'allach ri Fearghus. Thoisich a sin Fearghus eir sireadh an tairbh eir Cuchullain cho milist 's cho seolta's cho briathrach'sa b'urra dha. "Gheo' thu" ors easan "do dhor 's do airgiod agus cairdeas na Maoim Chruachain agus lamh dheas Oirill." Cha tuirst Cuchullain guth ach dh-eisd e ris. Thionndaidh e chulaobh. "Am faigh mi 'n tarbh ?"

"Cha'n eil fiosam nach foigh." Ghrad dh-eirich Fearghus a mach agus thug e 'n sothal eir far an ro na gillean-mora. Lean Cuchullain e. Bha na gillean eir an dalladh leis an daoraich. "An d-fhuair thu'n tara?" ors a chuile fear ria' ri Fearghus. "Fhuair mi ach cha'n fhaigheadh mo ghillean e.”

"Am fear

« 上一頁繼續 »